Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios.
Shaothraich do làmhan-sa mi, agus rinn iad mi coicheart mun cuairt; agus an sgrios thu mi?
Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?
Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.
Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.
Bàsaichidh gach uile fheòil le chèile, agus tillidh an duine a‑rìs don duslach.
Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia.
A mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Abair, Tha claidheamh, tha claidheamh air a gheurachadh, agus fòs air a lìomhadh.