Foirfe ged bhithinn, chan aithnichinn e: am anam dhèanainn tàir air mo bheatha.
Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc.
Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.
Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.
Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.
Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.
Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi!
Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.
Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn.
An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e.
Oir chan fhios dhomh nì sam bith am aghaidh fhèin; gidheadh chan eil mi le seo air m’fhìreanachadh: ach is e an Tighearna an tì a bheir breith orm.
Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.