Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nan gairminn, agus gum freagradh e mi, cha chreidinn gun d’èisd e rim ghuth:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.

Ma ghàir mi riu, cha do chreid iad; agus solas mo ghnùise cha do thilg iad sìos.

Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn.

Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar.

Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling.

Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.

Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.

Agus air dhaibh a bhith fhathast mì‑chreidmheach tro aoibhneas, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, A bheil biadh sam bith agaibh an seo?

Agus thubhairt Gideon ris, Och mo thighearna, ma tha an Tighearna maille rinn, carson a thàinig seo uile oirnn? Agus càit a bheil a mhìorbhailean uile a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn, ag ràdh, Nach tug an Tighearna sinn a‑nìos on Eiphit? Ach a‑nis thrèig an Tighearna sinn, agus thug e thairis sinn do làimh nam Midianach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan