Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha tionndaidh Dia air falbh a fhearg: foidhe cromaidh fir-chuideachaidh an àrdain;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.

Cuimhnichidh mi Rahab agus Bàbel dhaibhsan don aithne mi; feuch, Pailistin agus Tìrus, maille ri Etiopia; rugadh am fear seo an sin.

Mhìn-phronn thu Rahab, mar dhuine leònte; le gàirdean do neirt sgap thu do naimhdean.

Oir is dìomhain agus gun tairbhe còmhnadh nan Eiphiteach; uime sin thubhairt mi rithe seo, Is e an neart fantainn nan tàmh.

Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan