Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.

Ma ghearras e as, no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e ri chèile, cò a bhacas e?

Ach tha e anns an aon bheachd, agus cò a dh’iompaicheas e? Agus an nì as miann le a anam, sin nì e.

Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas.

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?

Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e?

Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?

O thaigh Israeil, nach faod mise a dhèanamh ribhse mar an creadhadair seo? deir an Tighearna. Feuch, mar a’ chriadh an làimh a’ chreadhadair, is amhail sin sibhse ann am làimh-sa, O thaigh Israeil.

Agus fògraidh iad thu o dhaoine, agus bidh do chòmhnaidh le beathaichean na machrach: bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha?

Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan