Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ri Phàraoh, Is iad làithean bliadhnachan mo chuairte ceud agus deich-bliadhna-fichead: bu tearc agus olc làithean bliadhnachan mo bheatha, agus cha do ràinig iad làithean bliadhnachan beatha m’athraichean ann an làithean an cuairte-san.

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?

Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.

Mar bhlàth thig e a‑mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàil, agus chan fhan e.

Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.

Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.

Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran?

Tha mo làithean mar sgàil ag aomadh sìos, agus tha mi fhèin mar fheur air seargadh.

Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn.

Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad.

Feuch, mar leud boise rinn thu mo làithean, agus tha m’aois mar neoni ad fhianais: gu deimhinn, is dìomhanas gach duine da fheabhas. Selah.

Chan eil eòlas no tuigse aca; ann an dorchadas gluaisidh iad; tha uile bhunaitean na talmhainn air chrith.

Oir tha mìle bliadhna ann ad shealladh-sa mar an là‑an‑dè nuair a thèid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan