Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?
Cluinnibh-se seo, a sheann daoine; agus thugaibh-se fa‑near, uile luchd-àiteachaidh na tìre: an robh seo nur làithean-se, no an làithean ur n‑athraichean?
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
A‑nis thachair na nithean seo uile dhaibhsan mar eiseimpleirean: agus sgrìobhadh iad a‑chum teagaisg dhuinne, air a bheil deireadh an t‑saoghail air teachd.
Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa‑near bliadhnachan nan iomadh ginealach: fiosraich ded athair, agus nochdaidh e dhut; ded sheanairean agus innsidh iad dhut.
Oir fiosraich a‑nis de na làithean a chaidh seachad, a bha romhad, on là air an do chruthaich Dia an duine air an talamh, agus fiosraich o aon iomall de nèamh gus an t‑iomall eile, an robh riamh nì sam bith ann mar an nì mòr seo, no an cualas nì cosmhail ris?