Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Oir bidh coitheanal nan cealgair aonaranach, agus caithidh teine pàilleanan na duais-bhratha.

Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann.

Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan-còmhnaidh nan aingidh?

Cha ghlèidh e beò an t‑aingidh; ach bheir e ceartas do na bochdan.

Nach siubhail am feabhas air falbh maille riu? Bàsaichidh iad, agus chan ann le gliocas.

Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

Leigidh e a thaic ra thaigh, ach cha seas e: cumaidh e gu daingeann e, ach cha mhair e.

Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu.

Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e,

Biodh m’eascairdean air an còmhdachadh le nàire, agus biodh iad air am falach len amhluadh fhèin, mar le fallaing.

Eididh mi a naimhdean le nàire, ach air fhèin thig a choron fo bhlàth.

Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile, a tha a’ dèanamh gàirdeachais rim olc; còmhdaichear le nàire agus masladh iadsan a dh’àrdaicheas iad fhèin am aghaidh!

Tilgear taigh nan aingidh bun-os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.

An sin thig uile phrionnsachan na fairge a‑nuas on rìgh-chathraichean, agus cuiridh iad am fallaingean a thaobh, agus cuiridh iad dhiubh an culaidhean grèise: èididh iad iad fhèin le ball-chrith, suidhidh iad air an làr, agus criothnaichidh iad gach tiota, agus bidh uamhas orra dod thaobh-sa.

Nì an rìgh caoidh, agus bidh am prionnsa air èideadh le lèirsgrios, agus bidh làmhan sluagh na tìre fo gheilt: nì mise riu a rèir an slighe, agus a rèir an toillteanais bheir mi breith orra, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.

Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e.

Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan