Gus an lìon e do bheul le gàire, agus do bhilean le gàirdeachas.
Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium.
Agus dh’ìobair iad air an là sin ìobairtean mòra, agus rinn iad gàirdeachas; oir thug Dia orra gàirdeachas a dhèanamh le aoibhneas mòr: rinn na mnathan mar an ceudna agus a’ chlann gàirdeachas, agus chualas gàirdeachas Ierusaleim an cèin.
Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,
Ri sgrios agus ri gorta gàiridh tu: agus ro fhiadh-bheathaichean na talmhainn cha bhi eagal ort.
Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile.
Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling.
An sin lìonadh ar beul le gàire agus ar teanga le luathghaire; an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithean mòra air an son.
Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.
Bithibh aoibhneach anns an Tighearna, agus dèanaibh gàirdeachas, sibhse a fhìreanan; agus dèanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart ann an cridhe.
Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile; togaibh ur guth, dèanaibh gàirdeachas agus seinnibh cliù.
Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh.