Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, is e seo aoibhneas a shlighe-san; ach as an ùir fàsaidh aon eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim de làimh nan daoine aingidh:

Togaidh e am bochd on duslach; on òtraich àrdaichidh e an t‑ainnis,

Ach is e Dia am Britheamh; leagaidh e sìos am fear seo, agus àrdaichidh e am fear sin.

Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.

Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan