Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air a’ chàrn bidh a fhreumhan air am fighe air feadh a chèile, agus fiosraichidh e àite nan clach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr.

Bha mo fhreumh air a sgaoileadh a‑mach làimh ris na h‑uisgeachan, agus laigh an drùchd rè na h‑oidhche air mo mheangan.

Uaine tha e fa chomhair na grèine; agus na lios fàsaidh a mheanglan suas.

Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu.

Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt-ghaoth air falbh iad mar asbhuain.

Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.

Agus anns a’ mhadainn, a’ gabhail seachad dhaibh, chunnaic iad an crann-fìge air crìonadh o a fhreumhan.

Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg-mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan