Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Leigidh e a thaic ra thaigh, ach cha seas e: cumaidh e gu daingeann e, ach cha mhair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann.

Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear-coimhead.

Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann.

Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh.

Is iad smuaintean an cridhe gum mair an taighean gu bràth, an ionadan-còmhnaidh o linn gu linn; bheir iad ainm air am fearann a rèir an ainme fhèin.

Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.

Tilgear taigh nan aingidh bun-os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth.

Sibhse a tha ri gàirdeachas ann an nì as neoni; a tha ag ràdh, Nach do ghabh sinn dar n‑ionnsaigh uachdaranachd le ar neart fhèin?

Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan