Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a bhios e fhathast na ghlaise, cha ghearrar sìos e; gidheadh, ro gach luibh seargaidh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Am fàs an luachair gun làthaich? Am fàs am mìn-fheur gun uisge?

Mar sin ceuman nan uile a dhìochuimhnicheas Dia; agus bàsaichidh dòchas a’ chealgair:

Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan-dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram; seargaidh a’ chuilc agus an luachair.

Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh.

Ach esan a fhuair sìol ann an àitean creagach, is e seo an tì a chluinneas am facal, agus a ghabhas e air ball le gàirdeachas;

Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan