Am fàs an luachair gun làthaich? Am fàs am mìn-fheur gun uisge?
Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, sgiamhach rim faicinn, agus reamhar ann am feòil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur,
Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran?
Nuair a bhios e fhathast na ghlaise, cha ghearrar sìos e; gidheadh, ro gach luibh seargaidh e.
Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne.