Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.

Am fàs an luachair gun làthaich? Am fàs am mìn-fheur gun uisge?

(Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:)

Molaidh àl do àl do ghnìomharan, agus cuiridh iad an cèill d’obraichean cumhachdach.

Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam.

Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.

Bheir duine math a‑mach nithean matha à deagh ionmhas a chridhe: agus bheir an droch dhuine a‑mach droch nithean as a dhroch ionmhas.

Agus teagaisgidh sibh iad dur cloinn, a’ labhairt orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.

Agus teagaisgidh tu iad dod chloinn, agus labhraidh tu orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.

Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan