A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha.
Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.