Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh-san, ach cha till esan am ionnsaigh-sa.
Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe.
Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd-àiteachaidh an t‑saoghail.