Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh-sa tha na nithean sin uile.
Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.
Agadsa tha fhios, O Thighearna; cuimhnich ormsa, agus thig gam amharc, agus thoir dhomh aichmheil air mo luchd-tòrachd; ann am buanas d’fheirge na toir air falbh mi; thoir fa‑near gun d’fhuiling mi masladh air do sgàth.
Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.