Cùm do chas o bhith rùisgte, agus do mhuineal o thart. Ach thubhairt thusa, Chan eil leigheas air a’ chùis a‑nis; cha chùm; oir ghràdhaich mi coigrich, agus nan dèidh thèid mi.
Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal:
Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.
Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;