Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 7:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha m’fheòil air a còmhdachadh le cnuimhean agus spairtean ùire; bhris mo chraiceann, agus tha e breun.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.

Ri truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair, agus mo phiuthar.

Agus dhorchaich mo shùil le bròn, agus tha mo bhuill uile mar sgàil.

Rim chraiceann agus rim fheòil dhlùth-lean mo chnàmhan; agus chaidh mi as le craiceann m’fhiacal.

Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia:

Dìochuimhnichidh a’ bhrù e; biadhaidh a’ chnuimh gu milis air; nas mò cha chuimhnichear e; agus brisear aingidheachd mar chrann.

An sin tumaidh tu mi anns an t‑sloc, agus gabhaidh m’aodach fhèin gràin dhìom.

O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad.

Tha d’uabhar air a thoirt a‑nuas a‑chum na h‑uaighe, agus fuaim d’innealan-ciùil; tha a’ chnuimh air a sgaoileadh fodhad, agus is iad na cnuimheagan do chòmhdachadh.

Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil.

Agus ann an sin cuimhnichidh sibh ur slighe, agus ur n‑uile dhèanadais, anns an robh sibh air ur truailleadh; agus bidh sibh gràineil nur sealladh fhèin airson ur n‑uile lochdan a rinn sibh.

Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan