Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma laigheas mi sìos, their mi, Cuin a dh’èireas mi, agus a thèid an oidhche thairis? Agus tha mi a’ làn-luasgaidh a‑null agus a‑nall gu briseadh na fàire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An oidhche tionndaidhidh iad gu là: tha solas goirid a‑thaobh dorchadais.

Anns an oidhche tha mo chnàmhan air an tolladh annam: agus cha bhi m’fhèithean aig fois.

Mar sgàil a’ claonadh sìos tha mi a’ siubhal; tha mi air m’fhuadachadh mar an lòcast.

Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne.

Tha mi sgìth lem osnaich; rè na h‑oidhche tha mi a’ cur mo leapa air snàmh; lem dheòir tha mi ag uisgeachadh m’uirigh.

Chùm thu mo shùilean nam faireachadh; tha mi iarganach, agus chan urrainn mi labhairt.

O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir.

Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan