Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 7:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an dèidh dha an sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an nì a rinn mi: agus a‑nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich, oir rinn mi gu ro‑amaideach.

Ma pheacaicheas mi, bheir thu fa‑near mi, agus om euceart cha saor thu mi.

Cuimhnich, guidheam ort, gur ann mar chriadh a rinn thu mi; agus gu duslach an tionndaidh thu mi a‑rìs?

Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.

Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?

Ri truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair, agus mo phiuthar.

Mar aisling grad-shiùbhlaidh e, agus chan fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h‑oidhche:

Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann.

Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam;

Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.

Sùil an tì a chunnaic mi, chan fhaic i mi: bidh do shùilean orm, agus cha bhi mi ann.

An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e,

Tha eagal orm ro mo dhoilgheasan uile; tha fhios agam nach meas thu neochiontach mi.

An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth;

Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e.

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.

Na biodh corraich ro‑gheur ort, a Thighearna, agus na cuimhnich aingidheachd gu bràth; feuch, amhairc, guidheamaid ort, is sinne uile do shluagh.

Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.

Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean.

Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.

Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan