Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? Agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile?
Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd,
Tionndaidh uaithe a‑chum gum bi fois aige, gus an coilean e mar fhear-tuarasdail a là.
Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe.
O caomhainn mi a‑chum gum faigh mi neart mun siubhail mi, agus nach bi mi ann nas mò!
Agus tha m’anam air a chràdh gu mòr: ach thusa, a Thighearna, cia fhad?
Cia fhad a nì na h‑aingidh, a Thighearna, cia fhad a nì na h‑aingidh caithreim?
Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?