Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
Uime sin a‑nis imich, treòraich an sluagh a‑chum an ionaid mun do labhair mi riut; feuch, thèid m’aingeal romhad: gidheadh, anns an là anns am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra.
Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh?
Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice.
Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.
Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.
A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;
A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd: