Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh-san, ach cha till esan am ionnsaigh-sa.

Mar a aolach fhèin gu bràth thèid as dha: their iadsan a chunnaic e, Càit a bheil e?

An t‑sùil a chunnaic e, chan fhaic i e tuilleadh; agus nas mò chan amhairc a àite fhèin air.

Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e.

Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e.

Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu.

Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò.

Oir fhathast tamall beag, agus cha bhi an t‑aingidh ann; seadh, bheir thu fa‑near a àite-san, agus cha bhi e ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan