Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 7:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach eil àm suidhichte aig an duine air thalamh, agus mar làithean fhir-tuarasdail a làithean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Tha thu ag ath-nuadhachadh d’fhianaisean am aghaidh, agus a’ meudachadh do chorraich rium; tha caochladh agus cogadh am aghaidh.

Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.

Gidheadh, rugadh an duine a‑chum carraid, mar a dh’èireas na sradan suas.

Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàil, agus mar a bhios sùil aig an fhear-tuarasdail ri duais a obrach;

Thoir fios dhomh, a Thighearna, air mo chrìch, agus tomhas mo làithean ciod e, a‑chum gum bi fhios agam cia geàrr mo rè.

Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i.

Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir-thuarasdail, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr-shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann.

Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Fhathast bliadhna, mar bhliadhnachan fir-thuarasdail, agus bidh uile ghlòir Chedair air caitheamh as.

Falbh agus abair ri Heseciah, Mar seo deir an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir; feuch, cuiridh mi rid làithean còig-bliadhna-deug;

Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.

Agus nì e cunntas ris-san a cheannaich e on bhliadhna anns an do reiceadh ris e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus bidh luach a reicidh a rèir àireamh nam bliadhnachan; a rèir aimsir seirbhisich-tuarasdail bidh e dha.

Na measar e cruaidh leat, nuair a chuireas tu uat saor e; oir bha e dà uair cho math dhutsa ri seirbhiseach tuarasdail, le seirbhis a dhèanamh dhut sia bliadhna: agus beannaichidh an Tighearna do Dhia thu anns gach nì a nì thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan