Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 6:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.

Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

Och, nach falaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi ann an uaigneas, gus am biodh d’fhearg thairis! Nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gun cuimhnicheadh tu mi!

Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium.

O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann!

Foirfe ged bhithinn, chan aithnichinn e: am anam dhèanainn tàir air mo bheatha.

Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah.

Tha m’aois air dealachadh rium, agus dh’atharraicheadh i air falbh mar phàillean buachaille; ghearradh as mo bheatha mar gum b’ann leis an fhigheadair; tha e gam chlaoidh le tinneas caithteach; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh.

Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.

Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan