O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann!
Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.
A tha a’ gabhail fadail airson a’ bhàis, ach chan eil e a’ teachd: agus a chladhaicheas air a shon nas mò na airson ionmhais fhalaichte:
A nì aoibhneas ro‑mhòr, a nì luath-ghaire nuair a gheibh iad an uaigh:
Tha m’anam a’ diùltadh beantainn riu: tha iad sin mar mo bhiadh bròin.
Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi!
Tha m’anam air a chlaoidh le dèidh air do shlàinte; ann ad fhacal chuir mi mo dhòchas.
Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.