Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 6:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha m’anam a’ diùltadh beantainn riu: tha iad sin mar mo bhiadh bròin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.

Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an tig mise ann an sìth.

Oir ro mo bhiadh thig m’osnaich, agus taomar a‑mach mar uisge mo bhùireadh.

Air chor is gun gabh a bheatha gràin de aran, agus a anam de bhiadh deagh-bhlasda.

An gabh an nì a tha neo-bhlasda ithe gun salann? A bheil blas air gealagan an uibhe?

O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann!

Oir dh’ith mi luath mar aran, agus mheasg mi mo dheoch lem dheòir,

An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul.

Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, feuch, brisidh mise lorg an arain ann an Ierusalem; agus ithidh iad aran air thomhas agus le cùram; agus òlaidh iad uisge le tomhas agus le uamhas.

Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan