An dèan am fiadh-asal sitrich os cionn feòir? An dèan an damh geum os cionn a innlinn?
Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha againn araon connlach agus innlinn gu leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann.
Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich?
Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine.
An gabh an nì a tha neo-bhlasda ithe gun salann? A bheil blas air gealagan an uibhe?
Bheir e air feur fàs don sprèidh, agus air luibh a‑chum seirbhis an duine, a‑chum aran a thabhairt as an talamh,
Mar a thogras am fiadh a‑chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’ togairt ad ionnsaigh, a Dhè.
Agus sheas na h‑asail fhiadhaich air na h‑ionadan àrda, tharraing iad suas a’ ghaoth mar dhràgonan; dh’fhàilnich an sùilean a chionn nach robh feur ann.