Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 6:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha saighdean an Uile-chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Reub a chorraich mi, agus tha fuath aige dhomh: chas e a fhiaclan rium; tha mo nàmhaid a’ geurachadh a shùl orm.

Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean.

Sùgaidh e nimh nan nathraichean: marbhaidh teanga na nathrach milltich e.

Chì a shùilean a sgrios, agus de fheirg an Uile-chumhachdaich òlaidh e.

Thionndaidh uamhasan am aghaidh: ruaig iad m’anam mar a’ ghaoth; agus mar neul chaidh mo thèarainteachd seachad.

Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde-san cha robh e an comas dhomh fulang.

Ann am bhreitheanas tha mi air mo mhealladh: tha mo lot do‑leighis, as eugmhais easaontais.

Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar.

Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as dom spiorad; na falaich do ghnùis orm, air eagal gum bi mi cosmhail riùsan a thèid sìos don t‑sloc.

Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein-adhair, agus chlaoidh e iad.

Uime sin bheir thu orra an cùl a thionndadh; air sreangan do bhogha gleusaidh tu do shaighdean nan aghaidh.

Oir shàthadh do shaighdean annam, agus tha do làmh trom orm.

Chan eil fallaineachd am fheòil airson d’fheirge; chan eil sìth am chnàmhan airson mo pheacaidh.

Is geur do shaighdean, tuitidh na slòigh fodhad; is geur iad ann an cridhe naimhdean an Rìgh.

Agus dh’ullaich e air a shon innealan bàis; dhealbh e a shaighdean an aghaidh luchd geur-leanmhainn.

Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.

Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan?

On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn.

Lùb e a bhogha mar nàmhaid: thog e an àird a làmh dheas mar eascaraid, agus mharbh e na h‑uile òganaich a bha taitneach don t‑sùil; ann am pàillean nighean Shioin thaom e a‑mach a chorraich mar theine.

Gu cinnteach am aghaidh-sa thill e; tha e a’ tilleadh a làimhe air a h‑ais ann am aghaidh air feadh an là gu h‑iomlan.

Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar-theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?

Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.

Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean le fuil, agus ithidh mo chlaidheamh suas feòil; eadhon le fuil nam marbh, agus nam braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air an nàmhaid.

Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile-chumhachdach gu ro‑gheur rium.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan