Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 6:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An dubhairt mi, Thugaibh am ionnsaigh? No dur maoin thugaibh tìodhlac air mo shon?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas-fhàinne òir.

Ach a‑nis tha sibhse nur neoni; chì sibh mo bhriseadh-cridhe, agus tha eagal oirbh.

No tèarnaibh mi o làimh an nàmhaid? No o làimh nan cumhachdach saoraibh mi?

Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith.

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan