O nach robh mo dhoilgheas air a làn-chothromachadh, agus mo dhòrainn togte anns na meidhean le chèile!
An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna.
Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas.
Ach a‑nis thàinig e ort, agus ghabh thu gu h‑olc e: bhean e riut, agus tha thu fo amhluadh.
Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.