Nach eil mo chobhair annam fhèin? Agus an d’fhuadaicheadh gliocas uam?
Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse.
Ach a‑nis sgìthich e mi: sgap thu mo chuideachd uile.
Ach their sibhse, Carson a gheur-leanamaid e, agus gun d’fhuaireadh freumh a’ ghnothaich ann?
Cionnas a chuidich thu leis an tì a tha gun chumhachd? Cionnas a shaor thu an gàirdean a tha gun neart?
Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?
An e neart nan clach mo neart? A bheil m’fheòil de umha?
Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.
Ach dearbhadh gach neach a obair fhèin, agus an sin bidh adhbhar gàirdeachais aige da thaobh fhèin a‑mhàin, agus chan ann a‑thaobh neach eile.