Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon-sa, nach b’aithne dhomh.
Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn thu! D’obraichean iongantach agus do smuaintean dar taobh-ne, chan eil e an comas a chur sìos an òrdagh dhut; nochdainn agus chuirinn an cèill iad, ach tha iad nas lìonmhoire na gun gabh iad àireamh.
Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh, o thoiseach gu deireadh.
Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.