Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ged nach tig àmhghar a‑mach as an duslach, agus nach fàs carraid as an talamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ginidh iad donas, agus beiridh iad droch-bheart, agus ullaichidh an com cealg.

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Oir tha sinn air ar caitheamh led fheirg, agus led chorraich tha sinn air ar claoidh.

Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.

Nach ann o òrdagh an Tì as ro‑àirde a thig olc agus math?

Labhair iad briathran faoine, nuair a mhionnaich iad; breugan nuair a rinn iad coicheangal: mar seo tha breitheanas a’ fàs a‑nìos, mar an iteodha ann an claisean na machrach.

An nì sin a dh’fhàsas dheth fhèin ded fhoghar, cha bhuain thu, agus fìondhearcan d’fhìonain neo-dheasaichte cha chruinnich thu: na bliadhna foise bidh i don tìr.

An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?

Mura biodh gu robh eagal orm ro chorraich an nàmhaid, air eagal gun giùlaineadh an eascairdean iad fhèin gu mì‑chubhaidh, air eagal gun abradh iad, Is i ar làmh àrd-ne, agus chan e an Tighearna, a rinn seo uile.

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan