Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.
Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata.
Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.