Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 5:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O sgiùrsadh na teanga falaichear thu; agus cha bhi eagal ort ro sgrios nuair a thig e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus saoraidh e am bochd on chlaidheamh, om beul, agus o làimh a’ chumhachdaich.

Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.

Beannaichte gu robh an Tighearna, oir nochd e gu h‑iongantach a choibhneas dhòmhsa ann am baile daingnichte.

Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.

Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.

Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice.

Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e.

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan