Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir marbhaidh fearg an t‑amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs.

Agus bha fhios aig Onan nach b’ann leis fhèin a bhiodh an sliochd; agus nuair a chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh bean a bhràthar, dhòirt e air a’ bhlàr e, a‑chum nach tugadh e sliochd da bhràthair.

Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon-sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite?

Bha amadain, airson an easaontais agus airson an euceartan, fo àmhghar.

Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann. Tha iad truaillidh; rinn iad obraichean gràineil; chan eil neach ann a nì math.

Thubhairt mi ris na h‑amadain, Na bithibh amaideach; agus ris na h‑aingidh, Na togaibh suas ur n‑adharc.

Chan eòl don amhlair, agus cha tuig an t‑amadan seo.

Aithnichear air ball fearg an amadain; ach ceilidh duine ciallach masladh.

An tì a ghleidheas an àithne, gleidhidh e a anam fhèin; ach an tì a nì tàir air a shlighean gheibh e bàs.

Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu a dhèanamh a‑rìs.

Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile.

A dhaoine baoghalta, tuigibh gliocas; agus amadana, tuigibh nur cridhe.

Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.

Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria.

Agus thubhairt Dia ri Ionah, An ceart dhut do chorraich a bhith air lasadh airson na luibh-sgàile? Agus thubhairt esan, Is ceart dhomh a bhith ann an corraich gu bàs.

Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;

Oir is ann dhiubh seo a tha an dream sin a dh’èalaidheas a‑steach do thaighean, agus a bheir leo ann am braighdeanas mnathan suarach air an uallachadh le peacaidhean, air an iomain le iomadh gnè ana-mianna,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan