Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Mas ann mar sin a bhios, tha ar Dia-ne, dom bheil sinn a’ toirt seirbhis, comasach air ar saoradh on àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus nì e ar saoradh as do làimh-sa, O rìgh.
Fhreagair esan agus thubhairt e, Feuch, chì mi ceathrar dhaoine fuasgailte, a’ coiseachd ann am meadhon an teine, agus chan eil dochann sam bith orra, agus tha coslas a’ cheathramh mar mhac Dhè.
An sin dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo Daniel, agus thilg iad e do gharaidh nan leòmhann: agus labhair an rìgh ri Daniel, ag ràdh, Do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis a‑ghnàth, nì esan do thèarnadh.
Agus thugadh clach, agus leagadh air beul na garaidh i; agus sheulaich an rìgh le a sheula fhèin i, agus le seula a thighearnan; a‑chum nach biodh a’ chomhairle air a h‑atharrachadh mu thimcheall Dhanieil.
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:
Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra: