Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 5:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus aig a’ bhochd bidh dòchas, agus druididh aingidheachd a beul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ma chùm mi na bochdan o am miann, agus ma thug mi air sùilean na bantraich fàilneachadh;

Chì na fìreanan seo, agus bidh iad ait, agus druididh gach euceart a beul.

Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug.

Oir cha dìochuimhnichear an t‑ainnis gu bràth; cha tèid as do dhòchas nam bochd gu sìorraidh.

Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.

Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas.

Agus thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin àithne mu thimcheall Ieremiah do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ag ràdh,

A‑nis thug Dia do Dhaniel deagh-ghean agus coibhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach.

Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte.

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan