Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.
Agus chuir an duine le Dia fios a dh’ionnsaigh rìgh Israeil, ag ràdh, Feuch nach tèid thu thairis air a leithid seo de àite; oir an sin tha na Sirianaich air teachd a‑nuas.
Ach nuair a chuala ar naimhdean gun d’fhuair sinn fios air, agus a thug Dia an comhairle gu neoni, thill sinn uile a dh’ionnsaigh a’ bhalla, gach aon a dh’ionnsaigh a obrach fhèin.
Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.
Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;
Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha?
Cionnas a their sibh, Tha sinn glic, agus tha reachd an Tighearna nar measg? Feuch, gu deimhinn is dìomhanas obair na cleit-sgrìobhaidh, chan eil anns na sgrìobhaichean ach dìomhanas.
Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach.
An sin dh’èirich Daibhidh agus a dhaoine, a bha mu thimcheall sia ceud, agus chaidh iad a‑mach à Ceilah, agus dh’imich iad an taobh a dh’fhaodadh iad imeachd. Agus dh’innseadh do Shaul gun deachaidh Daibhidh as à Ceilah, agus leig e dheth dol a‑mach.