Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum iadsan a tha ìosal a chur an àirde, agus iadsan a tha dubhach a thogail suas an tèarainteachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Nuair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bidh àrdachadh ann; agus saoraidh e an t‑iriosal.

Cha tarraing e a shùilean on ionracan; ach tha iad le rìghrean air an rìgh-chathair, agus daingnichidh e iad gu bràth, agus àrdaichear iad.

Ged bhiodh do thùs beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr.

Agus togaidh e suas am bochd o thruaighe, agus nì e teaghlaichean dha mar threud.

Togaidh e am bochd on duslach; on òtraich àrdaichidh e an t‑ainnis,

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.

Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.

Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh.

Is e an Dia bithbhuan do thèarmann, agus foidhe tha na gàirdeanan sìorraidh: agus fuadaichidh e a‑mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as dha.

Dèanadh am bràthair a tha ìosal gàirdeachas na àrdachadh:

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan