Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 5:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A tha a’ toirt frasan uisge air aghaidh na talmhainn, agus a’ cur uisgeachan air aghaidh nam machraichean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich;

Oir nì e meanbh na braoin uisge: taomaidh iad a‑nuas uisge a rèir a cheò,

A shileas na neòil; frasaidh iad air an duine gu pailt.

Oir ris an t‑sneachd their e, Bi‑sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus ri uisge mòr a neirt.

A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean.

Shil thu a‑nuas uisge gu pailt, a Dhè; air d’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu.

Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

Gidheadh, cha d’fhàg e e fhèin gun fhianais, a’ dèanamh maith, agus a’ toirt dhuinn uisge o nèamh, agus aimsirean tairbheach, a’ lìonadh ar cridheachan le biadh agus le subhachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan