Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 42:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an dèidh don Tighearna na briathran sin a labhairt ri Iob, thubhairt an Tighearna ri Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh ad aghaidh-sa, agus an aghaidh do dhithis chàirdean, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc?

An sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e,

A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha.

Saoraidh e esan nach eil neo-chiontach, agus saorar e le glaine do làmh-sa.

Nuair a chunnaic Elihu nach robh freagradh air bith ann am beul an triùir dhaoine seo, an sin las a fhearg.

An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,

Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e,

An sin fhreagair Iob an Tighearna, agus thubhairt e,

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e,

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan