Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 42:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Le èisdeachd na cluaise chuala mi thu; ach a‑nis chunnaic mo shùil thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?

Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù.

An sin fosglaidh e cluasan dhaoine, agus seulaichidh e an teagasg,

Ach am ionnsaigh-sa thugadh facal gu h‑uaigneach, agus ghabh mo chluas beagan dheth.

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.

Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon-ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e.

Thubhairt Esaias na nithean seo, nuair a chunnaic e a ghlòir-san, agus a labhair e uime.

Agus an tì a tha gam fhaicinn-sa, tha e a’ faicinn an tì a chuir uaithe mi.

Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan