Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 42:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad làithean Thèrah dà cheud agus còig bliadhna: agus fhuair Tèrah bàs ann an Hàran.

Agus is iad seo làithean bliadhnachan beatha Abrahàim a bha e beò; ceud agus trì-fichead, agus còig-bliadhna-deug.

Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna is ceithir-fichead.

Agus bha Iàcob beò ann an tìr na h‑Eiphit seachd-bliadhna-deug: agus b’iad bliadhnachan beatha Iàcoib uile ceud agus dà‑fhichead agus seachd bliadhna.

Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph.

Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e anns an Eiphit.

Agus cha d’fhuaireadh mnathan cho sgiamhach ri nigheanan Iob anns an tìr uile; agus thug an athair dhaibh oighreachd am measg am bràithrean.

Agus fhuair Iob bàs na sheann duine agus làn de làithean.

Seadh, chì thu clann do chloinne, agus sìth air Israel.

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Is iad clann an cloinne coron sheann daoine; agus is iad an athraichean urram cloinne.

Agus bha Maois ceud agus fichead bliadhna a dh’aois nuair a fhuair e bàs: cha d’fhàilnich a shùil, cha mhò a thrèig a neart e.

Agus an dèidh nan nithean sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan