Agus cha d’fhuaireadh mnathan cho sgiamhach ri nigheanan Iob anns an tìr uile; agus thug an athair dhaibh oighreachd am measg am bràithrean.
Agus thug e Iemima mar ainm air a’ chiad nighinn, agus Cesiah mar ainm air an dara, agus Ceren-hapuch mar ainm air an treas nighinn.
Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean.
A‑chum gum bi ar mic mar ùr‑chroinn a’ fàs suas nan òige, ar nigheanan mar chlachan-oisinn, snaidhte a rèir coslas lùchairt;
Labhair nigheanan Shelophehaid gu ceart: bheir thu dhaibh gu cinnteach sealbh oighreachd am measg bràithrean an athar; agus bheir thu fa‑near gun tig oighreachd an athar dan ionnsaigh.
Anns an àm sin rugadh Maois, agus bha e ro‑sgiamhach, agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar:
Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd-san, agus thig iad am ionnsaigh-sa a‑rìs.