Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 42:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir-mìle-deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;

Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe,

Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:

Agus rugadh dha seachd mic agus trì nigheanan.

Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Ged bhiodh do thùs beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr.

Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh.

Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.

Is fheàrr deireadh nì na a thoiseach: is fheàrr esan a tha foighidinneach na spiorad na esan a tha àrdanach na spiorad.

Agus nì mi lìonmhor oirbh duine agus ainmhidh, agus fàsaidh iad lìonmhor, agus bheir iad toradh; agus suidhichidh mi sibh mar a bha sibh o shean, agus nì mi ribh nas fheàrr na ann ur toiseach; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:

Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan