Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 42:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thionndaidh an Tighearna braighdeanas Iob, nuair a rinn e ùrnaigh airson a chàirdean: agus thug an Tighearna do Iob a dhà uiread is a bha aige roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Abrahàm ùrnaigh ri Dia: agus leighis Dia Abimelech agus a bhean agus a bhanoglaich; agus rug iad clann.

Agus thubhairt Amasiah ris an duine le Dia, Ach ciod a nì sinn mun cheud tàlann a thug mi do armailt Israeil? Agus fhreagair an duine le Dia, Tha an Tighearna comasach air mòran tuilleadh na sin a thabhairt dhutsa.

Agus rugadh dha seachd mic agus trì nigheanan.

Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Agus chaidh Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh: agus ghabh an Tighearna ri Iob.

Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling.

O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! Nuair a bheir an Tighearna air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas.

O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! An uair a bheir Dia air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas.

Trìd irioslachd agus eagal an Tighearna, thig saoibhreas, agus urram, agus beatha.

Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.

An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh.

Is leamsa an t‑airgead, agus is leamsa an t‑òr, deir Tighearna nan sluagh.

Agus ghlaodh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Leighis i a‑nis, O Dhè, guidheam ort.

Agus thubhairt iad, An do labhair an Tighearna da‑rìribh le Maois a‑mhàin? Nach do labhair e mar an ceudna leinne? Agus chuala an Tighearna e.

Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile.

An sin thubhairt e, Uime sin tha mi a’ guidhe ort, athair, gun cuireadh tu e gu taigh m’athar:

Nach do rinn mo làmh na nithean seo uile?

Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.

An sin bheir an Tighearna do Dhia air ais do bhraighdeanas, agus nì e iochd riut, agus tillidh e agus cruinnichidh e thu as na h‑uile chinnich a‑chum an do sgap an Tighearna do Dhia thu.

Ach cuimhnichidh tu an Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhut beartas fhaghail, a‑chum is gun daingnich e a choicheangal a mhionnaich e dod athraichean, mar air an là‑an‑diugh.

Agus bha ro‑fhearg air an Tighearna ri Aaron a‑chum a sgrios: agus rinn mi ùrnaigh, mar an ceudna, airson Aaroin anns an àm sin fhèin.

Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.

Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan